Poem in Scottish Gaelic
An t-aonaran agus a’ madadh allaidh
Tharraing aonaran loidhne anns a’ ghainmheach agus thuirt e:
“Chan fhaod thu a thighinn seachad air an loidhne seo.”
Tharraing e cearcall an uairsin, ag ràdh:
“Feumaidh tu fuireach anns a’ chearcall seo.
Faodaidh tu a dhol tarsainn air,
ach chan fhaod thu a dhol tarsainn air an loidhne.”
Thàinig an uairsin an stoirm, agus chaidh an loidhne a sealladh.
Bha madadh allaidh na sheasamh anns a’ chearcall.
Bha fuachd agus uisge air an treòir a thoirt as, ach cha do charaich e.
Cha robh fios aige a bheil an loidhne ann fhathast,
nuair nacheil i tuilleadh air a tarraing anns a’ ghainmheach.
Translated intoto Scottish Gaelic by Donnie Graham